Cuairt-litir na seachdain - Soraidh slàn | LG Newsletter: Goodbye by LearnGaelic published on 2022-06-28T11:00:20Z Full bilingual translation available at https://mailchi.mp/learngaelic/soraidh-slan Halò a charaid, Cuimhnich gum faigh thu faidhle-fuaime na cuairt-litreach seo air Soundcloud. Nach èist thu rithe fhad ’s a tha thu a’ leughadh? Cuideachd, ma leughas tu a’ chuairt-litir seo air a’ choimpiutair agad, gheibh thu teacsa Beurla ann an colbh ri taobh na Gàidhlig - dh’fhaodadh seo a bhith cuideachail dhut. ’S fhada on uair sin. Mar as trice, ‘s e Muireann a bhios a’ clàradh na cuairt-litreach, ach an turas seo, ’s e mi fhìn, Eilidh, a tha ga clàradh – na gabh dragh, bidh Muireann air ais còmhla riut an-ath-sheachdain. Am faca tu na puist sòisealta ùra a chaidh a-mach air na cunntasan sòisealta againn? An t-seachdain sa chaidh, chaidh fear a sgaoileadh bhon Litir Bheag ochd ceud naochad ’s a trì mun abairt Soraidh Slàn? Uill, an dèidh dà bhliadhna deug ag obair air LearnGaelic, feumaidh mise soraidh slàn a ràdh ris a h-uile duine. Bha an t-saoghal didseatach gu tur diofraichte agus cha robh fiù ’s ùrlaran sòisealta againn – a-nise, tha sinn air Facebook, Twitter agus Instagram. Ged a bha an sgioba an-còmhnaidh gu math beag, tha mi smaointinn gun d’ fhuair sinn cothroman tòrr rudan matha a dhèanamh còmhla ri sgiobaidhean agus buidhnean diofraichte. Aig an uair a bha sin, cha robh co-fhaclair ann, no faclair Gàidhlig le faidhlichean-fuaime. Chuir sinn Speaking our Language air-loidhne agus bha sinn ag obair le diofar bhuidhnean leithid Clì gus fiosrachadh a sgaoileadh. Thairis air na bliadhnaichean, tha sinn air diofar seòrsa rudan a dhèanamh. Chuir sinn goireasan bhon a’ BhBC air an làraich, leithid Little by Little, Litir do Luchd-ionnsachaidh agus an Litir Bheag nuair a dh’atharraich am BBC an dòigh far an robh iad ag obair air-loidhne. Tha sinn air nithean diofraichte a chur ris an làraich gach bliadhna agus iomairtean eile air feadh an àite: air-loidhne agus air an stairsnich. Thoisich a’ chuairt-litir seo ann an dà mhìle 's a còig-deug. Thòisich mi fhìn seo oir bha mi fo iomagain mu sheann daoine nach robh measail air na meadhanan sòisealta: tha fios againn gu bheil mìltean ga leughadh agus ga freagairt gach seachdain. Tha mi làn earbsa san sgioba a tha air cùl a’ bhrannd seo agus SpeakGaelic a-nise – tha mi cho, cho moiteil asta uile. Ma tha beachd agad mu dad sam bith, dìreach cuir fios thuca. Thàinig na leasachaidhean as fheàrr a tha againn bho na luchd-cleachdaidh againne – fiù ’s am faidhle-fuaime a tha a’ dol leis a’ chuairt-litir seo. Bha e na onair a bhith ag obair còmhla riut, a leughadair chòir. Bho do charaidean aig LearnGaelic agus bhuamsa, Eilidh, Mar sin leat. Genre Scottish Gaelic